• breanish-tweed-1
  • breanish-tweed-2
  • breanish-tweed-3
  • breanish-tweed-4

Ar Clò

Bidh sinn a’ cleachdadh beart Hattersley airson na clòithtean againn fhighe, tha aon de na beartan faisg air ceud bliadhna a dh’aois.

Bidh e a’ toirt ceithir latha gus clò fhighe. Feumar coiseachd trì mìle air ais agus air adhart gus a’ warp a dheasachadh air frèam. Tha againn an uair sin ri barrachd na ochd ceud snaim a cheangal gus an clò a chur dhan bheart. An uair sin faodaidh sinn tòiseachadh air ar clò sonraichte fhighe.

Tha ar clòithtean agus stocan dèanta an Alba, agus is sinne na h-aon daoine a tha a’ dèanamh leithid de chlò anns an t-saoghal..

Bho chionn ghoirid fhuair Breanish Tweed urram le bhith buannachadh an duais ‘Balvenie Masters of Craft’ airson fighe.